Naidheachdan 11:00m
Ghabh riochdairean Eòrpach ri iarrtas Bhreatainn airson Brexit a leudachadh gu deireadh an Fhaoillich le cothrom falbh às an Aonadh Eòrpach ron sin ma 's e agus gun gabh a' Phàrlamaid ri aonta Bhoris Johnson. Bidh bhòt ann an Taigh nan Cumantan feasgar air plana Mhgr Johnson airson taghaidh choitchinn air an 12mh là den Dùbhlachd. Ach tha an SNP 's na Lib-Deamaich a' moladh taghadh air an 9mh là den Dùbhlachd, le maill gu an dèidh na Bliadhna Ùire air deasbad mu aonta Bhrexit a' Phrìomhaire.
Tha dràibhear làraidh a tha 25 bliadhna de dh'aois mu choinneimh na cùirte an-diugh tro cheangal bhideo 's e fo chasaid mu bhàs 39 duine ann an cùl làraidh ann an Essex. Tha Maurice Robinson, à Cunntaidh Àrd-Mhacha, fo chasaidean marbhadh le coire, cuilbheirt a thaobh cùiltearachd dhaoine, agus falach airgid.
Thèid cothrom air preantasachd agus taigheadas air prìs reusanta a thabhann mar dhòigh air òigridh a chumail anns na h-Eileanan Siar. Tha Comhairle nan Eilean Siar agus Riaghaltas na h-Alba, còmhla ri Buidheann Leasachadh Sgilean na h-Alba, a' cur an ainm ris a' chùmhnant ùr an-diugh, a' chiad sgeama de a sheòrsa ann an Alba.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' beachdachadh an-dràsta air dè nì iad le sgeama chonnspaideach an Neach-Ainmichte, (Named Persons' Scheme). Bha a' Chomhairle air aon de na h-ùghdarrasan ionadail a rinn deuchainn saor-thoileach air an sgeama, far am biodh inbheach clàraichte mu choinneimh gach leanaibh air eagal 's gun èireadh ceist no dragh mun leanabh sin. Chuir Riaghaltas na h-Alba às dhan sgeama an dèidh riaghladh nan aghaidh ann am Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte. Ach tha cead fhathast aig na comhairlean a bha san sgeama saor-thoileach cumail orra leis, agus a-niste tha feadhainn ag iarraidh ath-sgrùdaidh air an t-suidheachadh a tha sin.