Barrachd aithne air SCAD
Tha adhartas ann a meidicin a'ciallachadh gu bheil barrachd aithne ann a niste air tinneas Spontaneous Coronary Arterial Dissection, SCAD. Chan eil e deairbhte ach air àireamh glè bheag air feadh na Rioghachd Aonaichte ged a tha beachd ann a niste gu bheil e nas cumanta ach nach robh aithne cheart air gu bho chionn ghoirid. Tha dithis air am bheil e ann an Uibhist agus fhuair Shona NicDhòmhnaill sgeulachd te dhuibh sin a tha niste 'san oilthigh ann an Glaschu.