Leasachadh air cidhe Cholla
Thòisich obair-leasachaidh air alt-aiseig Eilean Cholla.
Tha e a' ciallachadh nach bi e comasach do charbadan a dhol a-null dhan eilean, neo an t-eilean fhàgail fhad 's a tha an obair a' leantainn, agus an aiseag airson luchd-coiseachd a-mhàin.
Thathas an dùil gum bi an obair deiseil taobh a staigh mìos.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.