'Bliadhna Bhogaidh' do dh'oileanaich Ghàidhlig
Bhon t-Sultain an ath-bhliadhna thèid cothrom a thabhann do dh'oileanaich na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu bliadhna bhogaidh a ghabhail sa chànan mar phàirt dhen cheum aca.
Chaidh seo fhoillseachadh Dimàirt agus an t-oilthigh air maoineachadh luach faisg air £500,000 fhaighinn bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba.
Am measg eile, bidh e a' ciallachadh gu bheil co-ionnannachd ann eadar dòighean teagaisg na Gàidhlig agus cànain eile a leithid Fraingis is Spàinntis.