Iarrtas 'son barrachd ionadan dhan tinneas cridhe SCAD

Chan eil ionad sònraichte airson an tinneas cridhe Spontaneous Cornonary Arterial Dissection, neo SCAD, ach ann an Sasainn.

Tha dotair a tha mion eòlach air ag ràdh gu bheil feum air a leithid anns na ceithir dùthchannan san Rìoghachd Aonaichte, leis gu bheil an tinneas nas bitheanta na bhathar an dùil.

Tha mòran ri dhèanamh fhathast airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air.