Naidheachdan 11:00m

Thuirt an aithisg oifigeil mu thubaist heileacoptair a' Chlutha nach biodh an tubaist air tachairt nam biodh am pìleat air na bu chòir dha a dhèanamh. Chaill deichnear am beatha nuair a thuit an heileacoptair poilis tro mhullach thaigh-seinnse a' Chlutha ann an Glaschu anns an t-Samhain ann an 2013 - an triùir a bh' anns an heileacoptair, agus seachdnar anns an taigh-sheinnse. Thuirt an t-Àrd-Shiorraidh, Craig Turnbull, a bha os cionn an rannsachaidh, gum bu chòir dhan phìleat a bhith air suidsichean nam pumpaichean connaidh a chur air, agus nach biodh na h-einnseanan air stad.

Tha a' chiad aithisg oifigeil air teine Tùr Ghrenfell ag ràdh gun do chuir poileasaidh ag iarraidh air luchd-còmhnaidh fuireach anns an togalach ri àireamh a' bhàis. Tha an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh ag iarraidh air an Riaghaltas molaidhean ùra ullachadh airson falbh à togalaichean àrda ann an èiginn. Thàinig i cuideachd dhan cho-dhùnadh nach robh an còmhdach a bh' air taobh a-muigh an togalaich a rèir riaghailtean togail, agus gur e sin a bu choireach gun do sgaoil an teine cho luath. Tha càineadh ann cuideachd air mar a làimhsich Seirbheis Smàlaidh Lunnainn an teine, anns an do chaill 72 dhuine am beatha.

Tha sean Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, a' cur ris an àireimh de Bhuill-Phàrlamaid nach bi a' seasamh anns an taghadh coitcheann air an 12na là den Dùbhlachd. Dh'fhàg Ms Rudd an Caibineat agus i a' cur taic ris na buill Thòraidheach a chaill an Cuip nuair a chuir iad an aghaidh Bhrexit gun aonta. Thuirt i ge-tà, gu bheil i a' falbh le deagh chàirdeas eadar i agus Boris Johnson. Tha làn-dùil gun gabh Taigh nam Morairean an-diugh ri taghadh air an 12na là den Dùbhlachd, ris an do ghabh Taigh nan Cumantan an-raoir.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Caledonian Mac a' Bhriuthainn èisteachd ri muinntir nan eilean, agus ionnsachadh bho thrioblaidean nuair a tha bàtaichean-aiseig a' dol dhan doca. Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil an dòigh sa bheil CalMac a' gluasad bhàtaichean eadar diofar shlighean nuair a tha soithichean eile san doca a' dèanamh thrioblaidean leis nach eil bàtaichean freagarrach aca nan àite.

Air fhoillseachadh