Feòragan-ruadh gu bhith tilleadh gu Cataibh

Tha dùil gum bi feòragan-ruadh rim faicinn cho fada tuath ri Cataibh a dh'aithghearr, ann an àiteachann far am b' àbhaist a bhith gan lorg.

'S iad a' bhuidheann Trees for Life a tha gan gluasad air ais dhan sgìre sin, 's iad an sàs ann am pròiseact airson coilltean air a' Ghàidhealtachd a ghlèidheadh agus àireamh nam feòragan-ruadh àrdachadh.