Criutha a dhìth air bàta-teasairginn an t-Òib
Tha tuilleadh criutha a dhìth air bàta-teasairginn an t-Òib sna Hearadh agus gainnead dhaoine air maill a chur orra am bliadhna.
Chaidh am bàta a tharraing a-mach à seirbheis aig toiseach na mìos le tinneas sa chriutha, ged a tha dùil gun till i an ath sheachdain.
Tha iad a-nis a' sireadh dhaoine bho sgìre nas fharsainge.