Seirbheisean bus Uibhist 's Bharraigh

Bidh Comhairle nan Eilean Siar ag amas air suas ri 10% a shàbhaladh air cùmhnantan ùra seirbheis nam busaichean ann an Uibhist 's Barraigh.

Cha do nochd ach seachdnar den phoball aig na coinneamhan mu na seirbheisean ann an Uibhist.

Chaidh a' choinneamh ann am Bàgh a' Chaisteil a chur dheth air sgàth droch shide.

Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.