Àireamhan a' dol suas aig Bun-sgoil Ùige

Tha an àireamh chloinne a tha a' dol gu Bun-sgoil Ùige an Leòdhas agus a tha a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig na adhbar misneachd dhan sgìre.

Aig aon àm cha robh iarrtas gu leòr ann airson foghlam sa Ghàidhlig, ach a-niste tha barrachd chloinne gan oideachadh sa chànan na tha gan teagasg tro mheadhan na Beurla.

Agus tha dòchas ann gur i a' Ghàidhlig a roghnaicheas pàrantan an fheadhainn bheaga san sgoil-àraich cuideachd, mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris.