Deasbad mu fhoghlam Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba

Thèid deasbad a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt mu fhoghlam Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar.

Tha dùil gun cuir Holyrood fàilte air taghadh na Comhairle gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thabhann do phàrantan mar a' chiad roghainn.

Bhruidhinn Dòmhnall Moireasdan ris a' BhPA a chuir an gluasad air adhart, Alasdair Allan.