Moladh air poileasaidh foghlaim Gàidhlig ChnES

Chaidh poileasaidh ùr Chomharile nan Eilean Siar clann a tha a' tòiseachadh sa bhun-sgoil a theagasg ann an Gàidhlig, mura tig iarrtas bho am pàrantan airson oideachaidh ann am Beurla, a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Chaidh an deasbad iarraidh le riochdaire nan Eilean Siar aig Holyrood, Alasdair Allan, a tha ag ràdh gu bheil a' Chomhairle rim moladh airson na tha iad a' dèanamh.