Fuasgladh nam bèilichean

Tha Urras Iain Muir am beachd gluasad air adhart le pròiseact gus ionad a stèidheachadh ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich anns am faod croitearan truailleadh plastaig fhàgail; leithid a' phlastaig sa bheil beilichean-feòire air am pasgadh.

Tha seo a' tighinn agus croitearan air a bhith a' gearan nach eil dòigh aca air cuidhteas fhaighinn air an stuth ach le a bhith a' siùbhal trì uairean an uaireadair gu ruige Inbhir Ghòrdain.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.