Drochaid no tunail thar Chaolas a' Chorrain?

Dh'aontaich comhairlichean Loch Abair ri molaidhean a dh' fhaodadh drochaid no tunail fhaicinn thar Chaolas a' Chorrain.

Chaidh aithisg a chuir mu choinneamh na Comhairle agus na buidhne HITRANS anns a bheil còig roghainnean - drochaid ìosal 'son na dhà dhiubh, dà mholadh eile airson drochaid àrd, agus moladh eile 'son tunail.

Cho-dhùin na comhairlichean Diardaoin gun tèid an aithisg a chuir gu Riaghaltas na h-Alba.