Naidheachdan 11:00m

Tha Boris Johnson os cionn coinneimh na comataidh èiginn COBRA a tha a' coinneachadh an-dràsta a dheasbad a' chorònabhìoras. Dh'innis an Riaghaltas an-dè gu bheil 36 cùisean den tinneas dearbhte ann am Breatainn. Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, aig a' choinneimh sin ann an Lunnainn an dèidh dearbhadh an-dè air a' chiad chùis den tinneas ann an Alba. Tha an t-euslainteach sin à Taobh Tatha, a bha air tilleadh à Ceann a Tuath na h-Eadailt, fo chùram ann an ionad dùinte.

Thuirt Àrd-Oifigeach Meadaigeach na h-Alba, an t-Ollamh Catherine Calderwood, ma 's e agus gun sgap an tinneas ann an Alba gun tèid a h-uile ceum a ghabhail mu choinneimh sin. Ach thuirt i gur dòcha, ri linn a' chorònabhìoras, gum feum tachartasan mòra mar cho-labhairt mhòr na h-àrainneachd ann an Glaschu san t-Samhain a chur dheth.

Tha buidheann à Breatainn anns a' Bhruiseil an-diugh agus còmhraidhean a' tòiseachadh gu foirmeil mu aonta-malairt leis an Aonadh Eòrpach. Bidh a' chiad phàirt den deasbad an-diugh a' beachdachadh air còirichean iasgaich agus cead do dhraibhearan làraidh aig crìochan dùthcha.

Tha an Riaghaltas an-diugh fhèin air innse dè seòrsa aonta-malairt a tha iad ag iarraidh leis na Stàitean Aonaichte agus e coltach le a bhith a' dèanamh sin gu bheil iad a' cur cuideam air an EU dèiligeadh ri Breatainn mar dhùthaich neo-eisimeileach aig na còmhraidhean sa Bhruiseil.

Thòisich iomairt airson cuideachadh a thoirt do dh'fheadhainn a tha ann am fiachan leis a' chìs-chomhairle. Thuirt Seirbheis Comhairleachaidh a' Mhòr-shluaigh ann an Alba gur i a' chìs-chomhairle an trioblaid as motha a tha aig a' mhòr-chuid de dhaoine a th' ann am fiachan agus tha iad ag iarraidh air daoine faighinn a-mach a bheil iad airidh air faochadh bhon chìs neo gearradh. Thuirt iad gun robh cha mhòr £7m de dh'fhiachan le cìs-comhairle air an fheadhainn a dh'iarr taic bhuapa an-uiridh.

Chuir dragh gum faod maoimean-sneachda a bhith ann stad air na sgiobaidhean-teasairginn a bha a' coimhead airson duine air Aonach Mòr ann an Loch Abar. Chaidh Adam Vine, a tha 41 agus a bhoineas do Mhanchester, a ghlacadh ann am maoim-sneachda Dihaoine. Ged a chaidh caraid a bha còmhla ris air a' bheinn a ghoirteachadh, chaidh aigesan air fios a chur air na seirbhisean èiginn.