Àrd-choinneamh mu dhrugaichean san Òban ga shireadh

Chaidh moladh gum bu chòir co-labhairt air mì-chleachdadh dhrugaichean a chumail san Òban, agus dragh ann gu bheil trioblaidean dhrugaichean a' fàs nas miosa sa bhaile.

Tha tè de chomhairlichean an Òbain cuideachd ag ràdh gu bheil tuilleadh rannsachaidh a dhìth, 's i ag ràdh nach eil tomhas sam bith aca air àireamhan luchd-cleachdaidh san sgìre.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.