Triùir às a' Ghàidhealtachd a' cluich don SSFA

Tha triùir òga às a' Ghàidhealtachd a' cluich do sgioba sgoilearan na h-Alba.

Tha iad an dòchas soirbheachadh gu farpais leis an sgioba aig ìre eadar-nàiseanta, agus briseadh troimhe gu proifeasanta.

Am measg na tha air nochdadh roimhe do sgioba sgoilearan na h-Alba, tha leithid Pòl McStay agus Iain Robasdan.

Chaidh Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein a bhruidhinn riutha.