Naidheachdan 11:00m

Thuirt Boris Johnson gun tèid cuideachadh an airm iarraidh dha na seirbheisean slàinte àbhaisteach ma 's e agus gun sgap an corònabhìoras gu mòr air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt am Prìomhaire agus e a' foillseachadh plana airson dèiligeadh ris a' bhìoras, gum feum poilis ullachadh cuideachd air eagal 's gum bi luchd-obrach agus oifigearan far an obair agus iadsan a' fulang leis a' bhìoras. Agus thuirt e gum faodadh maill a dhol air cuid de dh'obair neo-èiginneach anns na seirbheisean slàinte àbhaisteach.

Chaidh Iran às àicheadh gun tàinig a' bhìoras air Nazanin Zaghari-Ratcliffe, am boireannach Breatannach-Iranianach a tha sa phrìosan an sin. Tha dragh air an duine aice, Richard Ratcliffe, gu bheil i a' fulang ach thuirt oifigich Iranianach gu bheil i slàn, falainn.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cùm iad ri gealltanas air leudachadh mòr anns an Lùnastal ann an uairean an asgaidh anns na sgoiltean-àraich. Tha sin a dh'aindeoin rabhadh bho Àrd-neach Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil còrr 's 4000 luchd-obrach fhathast a dhìth agus nach eil deiseil ach an dàrna leth de na togalaichean.

Thuirt a' chompanaidh àrachais Direct Line gun tig orra còrr 's £35m a phàigheadh a-mach airson call a rinn stoirmean Ciara agus Dennis. Tha a' chompanaidh fhathast a' tomhas cosgais stoirm Jorge aig deireadh na seachdain seo chaidh.

Bidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur taic-airgid a-rithist ri tuathan-gaoithe ùra air tìr. Chuir iad stad air an taic sin bho chionn ceithir bliadhna ach tha iad air am beachd atharrachadh agus iad ag amas air truailleadh a ghearradh gu neoini ron bhliadhna 2050. Ach tha fear a tha eòlach air a' ghnìomhachas ag ràdh gur dòcha nach bi sin gu cus feum dha na h-eileanan. Tha Murchadh Moireach ag ràdh gum bi e fhathast nas daoire dealan às na h-eileanan a reic na bhios e bho thuathan-gaoithe air tìr-mòr.

Chaidh moladh do chomhairlichean planaichean a dhiùltadh an-diugh airson tuathanas-èisg air taobh sear Uibhist a Deas. Tha oifigich Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gum biodh an tuathanas-èisg a tha a' chompanaidh Scottish Salmon ag iarraidh ro fhaisg air tuathanasan eile.