Naidheachdan 11:00m

Tha trì cùisean dearbhte den chorònabhìoras ann an Alba. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeanne Freeman, gun tàinig dà chùis ùr am follais a-raoir. Bha dearbhadh ann air a' chiad chùis air an deireadh-sheachdain air cuideigin ann an Taobh Tatha a bha air tilleadh à ceann a tuath na h-Eadailt.

Tha cuideam às ùr air Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel, le casaidean gun robh i ri burraidheachd ann an roinn eile san Riaghaltas. Tha na casaidean ùra seo co-cheangailte ri a h-ùine mar Rùnaire an Leasachaidh Eadar-nàiseanta eadar 2016 agus 2017, agus tha iad a' tighinn an dèidh ghearanan den aon sheòrsa aig Oifis na Dùthcha agus Roinn na h-Obrach agus nam Peinnseanan. Tha ise ag ràdh nach do rinn iad dad ceàrr.

Rinn Joe Biden, a bha na Iar Cheann-suidhe aig Barack Obama, adhartas san rèis airson seasamh dha na Deamocrataich an aghaidh a' Chinn-suidhe Trump ann an taghaidhean nan Stàitean Aonaichte san t-Samhain. Bha Mgr Biden anns a' chiad àite ann an naoi de na ceithir stàitean deug sa chuairt den bhòtadh an-dè ris an canar Super Tuesday.

Sguiridh Comhairle nan Eilean Siar, fhad 's a tha rannsachadh ann, ag iarraidh air daoine taighean coite a reic airson chosgaisean curaim an càirdean a phàigheadh. Shoirbhich an Comhairliche Dòmhnall Manford le moladh gum bu chòir stad den phoileasaidh sin fhad 's a tha iad a' rannsachadh a bheil e laghail dhan chomhairle a bhith a' dèanamh sin. Tha ath-chuinge mun chùis air a dhol gu Pàrlamaid na h-Alba.

Tha iomairt a' tòiseachadh an-diugh air feadh an t-saoghail airson sgeul fhaighinn air feadhainn a tha fhathast beò a ghabh pàirt anns na h-Arctic Convoys a chum biadh agus armachd ris an Aonadh Shobhiatach san Dàrna Cogadh. Bidh seirbhis chuimhneachaidh air Loch Iùbh air Taobh Siar Rois, far am biodh na bàtaichean a' cruinneachadh, air 16mh den Chèitean.