Naidheachdan 11:00m

Tha plèanaichean Flybe nan tàmh an-diugh agus a' chompanaidh adhair a' dol gu rianachd an dèidh mìosan de mhì-chinnt. Tha e coltach gun do chuir an corònabhìoras ris na trioblaidean ionmhais aca. Tha 2000 cosnadh ann an cunnart aig Flybe a theab a dhol fodha ron seo sa Ghearran.

Tha dearbhadh ann a-niste gu bheil corònabhìoras air 90 daoine ann am Breatainn le trì cùisean ùra ann an Alba an-diugh. Thuirt Àrd Oifigeach Meideagach Shasainn, Chris Whitty, a bha a' toirt fiosrachaidh do bhuill-phàrlamaid an-diugh, gu bheil iad gu math dòchasach gun tèid aca air smachd a chumail air a' ghalair. Thuirt e cuideachd gu bheil fios aca a-niste gum bi an galair beò 'son suas ri trì là air stuthan cruaidhe.

Corònabhìoras ann an San Francisco

Chaidh staid èiginn a ghairm ann an California 'son strì ris a' ghalair an sin. Tha dragh air oifigich mu fheadhainn a dh'fhaodadh a bhith air tachairt air duine a chaochail leis a' bhìoras Covid 19 an dèidh dha tighinn far soitheach luchd-turais ann an San Francisco air a' mhìos seo chaidh. Tha iad a-niste a' feuchainn ri sealbh fhaighinn air còrr 's 2000 duine eile a bha air an t-soitheach sin, an Grand Princess.

Tha dùil gun gabh Pàrlamaid na h-Alba ri buidseat Riaghaltas na h-Alba an-diugh. Chaidh cìs a' chosnaidh aontachadh an-raoir ach tha gnothaichean eile rin cur ceart fhathast mas urrainn dhan SNP a bhith cinnteach gum faigh iad taic a' Phàrtaidh Uaine. Tha coltas ann gum feum tilleadh dhan bhuidseat a-rithist ge-tà gun fhios dè thig à buidseat na Rìoghachd Aonaichte an ath-sheachdain.

Thèid buidseat Comhairle na Gàidhealtachd a stèidheachadh an-diugh. Tha dùil gun gabh comhairlichean ri àrdachadh faisg air na tha ceadaichte sa chis-chomhairle.

Thuirt na h-ùghdarrasan anns an Fhraing gun deach 21 daoine a ghoirteachadh nuair a chaidh trèana far na rèidhle eadar Strasbourg agus Paris sa mhadainn an-diugh. Chaidh aon duine a dhroch leòn.

Cuiridh Comhairle nan Eilean Siar 5% ri cosgais 'son àite ann an dachaidh cùraim. Bha moladh ann 'son àrdachadh 16% sa chiad àite ach 's e 5% a chaidh aontachadh aig coinneimh na comhairle an-raoir.