Aire ga thogail gu teintean monaidh

Tha grunn thachartasan gan cumail air taobh Siar Rois an t-seachdainn seo airson fiosrachadh a thoirt do dhaoine mu na cunnartan a tha an lùib teintean moinntich.

Mar phàirt den seo chaidh cuairt a chuir air dòigh le Urras Coilltean na h-Alba timcheall Beinn Shìldeig ann an Toirbheartan.

Chaidh an tè-naidheachd againn Màiri Riddoch a-mach còmhla riutha.