Naidheachdan 11:00m

Tha na bùthainnean mòra a' cur teagaimh ann am briathran Rùnaire na Slàinte, Matt Hancock, a thuirt gu bheil an Riaghaltas ag obair còmhla ris na bùthainnean airson biadh a chumail ri feadhainn a tha gan cumail fhèin air leth leis a' Chorona-Bhìoras. Thuirt Mgr Hancock nach eil adhbhar sam bith do dhaoine a bhith a' ceannach 's a' càrnadh a' bhìdhe air eagal 's gum fàs e gann. Ach dh'innis àrd-oifigeach aig aon de na bùthainnean mòra dhan BhBC nach cuala iadsan guth bho mhinistearan an Riaghaltais.

Thuirt àrd-chomhairliche saidheantaifigeach an Riaghaltais, Sir Pàdraig Vallance, gu bheil na planaichean airson dèiligeadh ris a' Chorona-Bhìoras anns an Rìoghachd Aonaichte fhathast aig ìre airson smachd a chumail air a' ghalar. Thuirt e gur ann beag air bheag a chuireas iad an sàs na ceumannan airson maill a chur air a' bhìoras, 's dòcha air an t-Samhradh nuair nach bi uimhir de chuideam air an NHS. Tha an àireamh chùisean dearbhte ann am Breatainn fhathast aig 116. Chan eil ach sia cùisean an Alba, ach thuirt am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon gu bheil làn-dùil aice gun èirich an àireamh sin sna làithean a tha romhainn. Tha e coltach nach eil an fheadhainn air a bheil e an Alba ann an cunnart mòr sam bith 's gu bheil iad fallain agus a' faighinn a' chùraim a tha a dhìth orra.

Chuir 100 duine an ainm ri litir anns an Daily Telegraph an-diugh a' cur taic ri Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel. Tha an litir ag ràdh gur e ceannard làidir a th' innte nach eil a' dèanamh ach mar a bu chòir dhi. Tha Ms Patel a' dol às àicheadh sreath chasaidean gun robh i ri burraidheachd.

Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar gu bheil Loganair a' gabhail cus orra fhèin le bhith a' tòiseachadh air seirbheisean a bha ann an cunnart le Flybe a' dol fodha an-dè. Tha Loganair, a ghabh 16 slighean a bh' aig Flybe - rud a tha a' cumail an cosnadh aig mu 100 den luchd-obrach - ag ràdh gu bheil iadsan air chomas na seirbheisean sin a chumail a' dol a dh'aindeoin na thachair do Flybe.

'S tha Comhairle nan Eilean Siar a' gearain uair eile nach eil Riaghaltas na h-Alba ag èisteachd riutha. Cha tug an Riaghaltas feairt air iarrtas na Comhairle airson bàt'-aiseig ùr a thogail coltach ris an MV Hebrides, airson sùbailteachd a thoirt do sheirbheisean ChalMac. Ach gheall an Riaghaltas gum bi a' chiad tè de na bàtaichean a tha Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh a' togail dhaibh an-dràsta, deiseil an ath-bhliadhna, 's an tèile goirid às dèidh sin. Tha Cathraiche Còmhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan, ag ràdh ge-tà, gu bheil e follaiseach nach eil an Riaghaltas deònach tòiseachadh às ùr agus dìochuimhneachadh mun dà bhàta sin a tha gu mòr air dheireadh agus nas daoire na bha dùil.