Molaidhean aiseig gan diùltadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba nach tug iad feart air na dh'iarr iad airson sùbailteachd a thoirt do sheirbheisean aiseig a' chost an iar.

Am measg nan iarrtasan a bh'aca 's e gun deadh bàt-aiseig coltach ris an MV Hebrides a thogail - soitheach a tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh a bhiodh comasach air cur a-steach air tòrr de phuirt.

Seo Aonghas Dòmhnallach.