Naidheachdan 11:00m

Tha comataidh èiginn an riaghaltais COBRA a' coinneachadh a dheasbad na h-ath cheumannan airson strì ris a' chorònabhìoras. Tha iad a' beachdachadh air am bu chòir an dùthaich gluasad bho chumail smachd air a' ghalair gu molaidhean airson maill a chur air. Dh'fhaodadh sgoiltean dùnadh agus casg a bhith air cruinneachaidhean mòra mar thachartasan spors.

Thuirt Oifis na Dùthcha gum bu chòir a bhith a' seachnadh siubhal gu ceann a tuath na h-Eadailt a-niste far am bheil na milleanan dhaoine a-niste fo riaghailtean cuarantain.

Chaidh comhairle ùr fhoillseachadh ann an Alba airson stad a chur air a' chorònabhìoras anns an àite-obrach. Tha a' bhuidheann Dìon Slàinte Alba ag ràdh gum feum fònaichean agus clàr meòir a ghlanadh nas trice agus nach bu chòir nas motha biadh fhàgail a-muigh far am bi daoine ga roinn. Tha ochd cùisean deug dearbhte den bhìoras ann an Alba.

Tha dùil ri seann Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Alex Salmond, san Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann an-diugh agus ceithir casaidean deug na aghaidh gun tug e ionnsaighean feiseil air boireannaich. Tha aon chasaid èigneachaidh nam measg. Tha Mr Salmond a' dol às àicheadh nan casaidean gu lèir.

Thuirt Trevor Phillips, a' chiad chathraiche air Coimisean na Co-ionnachd agus Còirichean, gun deach a chasg bhon Phàrtaidh Làbarach fo chasaid gun do rinn e dì-meas air Islam. Chaidh e às àicheadh na casaid sin agus thuirt e gu bheil e a' cur iognadh air nach eil am pàrtaidh ag iarraidh deasbad falainn mu dhiofar feallsanachd agus beachdan.

Tha buidhnean cobhair ann an Yemen ag ràdh gu bheil cùisean a' sìor fhàs nas miosa an sin dhan mhòr-shluagh agus an cogadh san dùthaich a' leudachadh. Thuirt Comataidh Eadar-nàiseanta na Croise Deirge gu bheil na deichean mhìltean dhaoine ann an ceann a tuath na dùthcha gun bhiadh, fasgadh air neo cùram meidigeach.

Tha rannsachadh FAI a' tòiseachadh aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis an-diugh mu thubaist bus san Eilean Dubh an-uiridh. Chaidh an dràibhear, Mohamed Bakari Chache, a mharbhadh an dèidh dhan bhus a bha e a' dràibheadh bualadh ann an drochaid.