Là Eadar-nàiseanta nam Ban

Chaidh Là Eadar-nàiseanta nam Ban a chomharrachadh Didòmhnaich.

Tron t-seachdainn a dh'fhalbh tha sinn air cluinntinn bho dhiofar bhoireannach mu na dùbhlain 's na cothroman a tha romhpa.

Cluinnidh sinn bho Cheannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Donalda NicComb, a tha air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leasachadh gu mòr sa bhaile, 's a tha an dùil a dreuchd a leigeil dhith as t-Samhradh.