Naidheachdan 11:00m

Dh'fhoillsich Oifis nan Staitistig Nàiseanta figearan a' tomhas àrdachadh mòr ann am bàs co-cheangailte ris a' choròna-bhìoras ann an dachannan-cùraim. A rèir an fhiosrachaidh as ùire bha 1,043 bàs ann an dachannan-cùraim ann an Sasainn agus sa Chuimrigh suas gu 10mh an Giblean. Tha sin an coimeas ri 217 bàs ron treas là den mhìos.

Chaochail sianar ann an Dachaigh-chùraim Kingswells ann an Obair Dheathain agus amharas ann gun robh Covid-19 orra. Tha àireamhan oifigeil ag ràdh gur ann an dachannan-cùraim a tha an ceathramh cuid de bhàis leis a' bhìoras ann an Alba.

Tha aithrisean ann gu bheil companaidhean Breatannach a' cur mòran de stuth dìon pearsanta, PPE, gu dùthchannan Eòrpach eile ged a tha gainnead mòr anns an dùthaich seo. Tha companaidhean ann am Breatann ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' tabhann an stuth air Riaghaltas na Rìogachd Aonaichte ach nach eil iad ga iarraidh. Cha chanadh Ministear nan Ùghdarrasan Ionadail, Simon Clarke, dad mu na h-aithrisean sin ach thuirt e gu bheil an Riaghaltas a' dèanamh nas urrainn dhaibh.

Tha eòlaichean saidheans an riaghaltais a' coinneachadh an-diugh a dheasbad an dèanadh e feum dhan iomairt an aghaidh a' choròna-bhìorais nan tigeadh air a' mhòr-shluagh a bhith a' cleachdadh mhascaichean. Tha ùghdarrasan an NHS ann an Sasainn agus ann an Alba ag ràdh nan tachradh sin gum fàgadh e luchd-obrach na slàinte gann de na mascaichean a tha a dhìth orra.

Tha am panail a tha a' beachdachadh air plana na h-Alba 'son gluasad air falbh bhon lockdown air cuideachadh iarraidh bhon bhuidhinn a thug comhairle air riaghaltas na Gearmailt. Tha a' Ghearmailt ga cleachadh mar eiseimpleir air an dòigh 's fheàrr air dèiligeadh ris a' ghalar agus siostam dheuchainnean na dùthcha sin air a bhith cho èifeachdadh 's gun do thòisich iad, an t-seachdainn seo, a' togail cuid de na riaghailtean a bh' ann.

Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gu bheil a h-uile coltas gum bi sgoiltean a' fuireach dùinte gu an dèidh saor-làithean an t-samhraidh. Bha esan a' bruidhinn agus tuilleadh fiosrachaidh a' tighinn am follais mun dòigh san tèid teisteanas aontachadh do chlann-sgoile nach do shuidh deuchainnean am bliadhna.

Thuit luach nan earrannan air na margaidhean Eòrpach le prìs na h-ola sna Stàitean Aonaichte a' tuiteam gu $37 fo neoni gach baraille leis nach eil àite anns an gabh e stòradh. Tha sin a' fàgail chompanaidhean a' pàigheadh son an ola a ghabhail bhuapa. Tha bacaidhean a' choròna-bhìorais air feadh an t-saoghail a' ciallachadh nach eil iarraidh mòr sam bith air an ola.