Naidheachdan 11:00m

Thuirt an duine a tha os cionn sgeama Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson deuchainnean a' Choròna-bhìorais gun cuir leudachadh sa phrògram Breatainn air an aon seasamh ri dùthchannan eile mar a' Ghearmailt. Tha cead aig na milleanan a bharrachd a-nise air deuchainnean ma tha coltas a' bhìorais orra. Ach thuirt an t-Oll. John Newton gu bheil e cunnartach a bhith a' smaoineachadh gur e tuilleadh dheuchainnean an aon fhreagairt dhan trioblaid.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur dìon air a' cho-dhùnadh gun comhairle a thoirt air a' mhòr-shluagh masgaichean air neo còmhdach aodainn eile a chleachdadh ann an àiteachan poblach. 'S e Alba a' chiad phàirt den Rìoghachd Aonaichte anns a bheil an Riaghaltas ag iarraidh air daoine còmhdach aodainn a chleachdadh. Tha Sasainn, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a' cumail sùil air an t-suidheachadh sin.

Tha a' chompanaidh ola Enquest a' bruidhinn ris na h-aonaidhean agus iad ag ullachadh airson còrr 's 500 cosnadh a ghearradh anns a' Chuan a Tuath le prìs na h-ola air tuiteam air feadh an t-saoghail. Thuirt Buidheann Ola agus Gas na Rìoghachd Aonaichte an-dè gu bheil dùil aca gun caill an gnìomhachas san dùthaich seo 30,000 cosnadh le buaidh a' Choròna-bhìorais.

Rugadh gille beag do Bhoris Johnson agus a charaid, Carrie Symonds. Tha e coltach gu bheil ise agus an leanabh a' dèanamh gu math. Thàinig an leanabh nas tràithe na bha dùil agus tha e a' ciallachadh nach bi Mgr Johnson aig Ceistean a' Phrìomhaire an-diugh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun tòisich iad air cuid de na seirbheisean àbhaisteach aca a-rithist leis nach tàinig buaidh a' bhìorais orra cho dona 's bha dùil. Chuir iad stad airson ùine air rudan mar obair-lannsa air glùinean 's cruachain air eagal 's gum biodh na leapannan a dhìth orra do dh'fheadhainn air am biodh Covid-19, ach tha iad ag ràdh a-nise gu bheil na h-àireamhean sin gu math nas lugha na bha dùil.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air astar sòisealta eadar clann agus tidsearan nuair a thilleas na sgoiltean. Thuirt Mairead Davidson, Ceannard na Comhairle, gum feum plana a bhith aca airson meud nan seòmraichean atharrachadh ma 's e sin a dh'fheumas iad.

Tha Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach ag iarraidh taic bhon Riaghaltas do thuathanaidh le buaidh a' bhìorais air a' ghnìomhachas. Thuirt Ceann-suidhe an NFU, Minette Batters, gun do chaill mòran thuathanach earrann den mhargaidh a bha aca ann am priobadh na sùla.