Uidheamachd PPE ann an Leòdhas

Tha sinn a' cluinntinn mòran an-dràsta mun dòigh anns a bheil companaidhean agus gnìomhachasan air feadh na dùthcha nach urrainn an obair àbhaisteach aca a dhèanamh a' cur an cuid sgilean 's eòlas ris an iomairt an aghaidh a' choròna-bhìorais.

Tha mòran dhiubh sin a' dèanamh stuthan PPE - èideadh agus uidheamachd dìon air a bheil cruaidh fheum.

Agus tha muinntir nan eilean a' dèanamh an cuid fhèin dheth mar a chluinneas sinn san aithris seo aig Eilidh NicLeòid.