Naidheachdan 11:00m

Thàinig rabhadh bho Bhanca Shasainn gun adhbharaich staing a' Choròna-bhìorais an seargadh as motha ann an eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte airson 300 bliadhna. Tha eòlaichean ag ràdh gum faic sinn crìonadh de 14% am-bliadhna, fiù 's ged a dheadh an lockdown a thogail anns an Ògmhios. Tha am banca cuideachd den bheachd ge-tà, nach toir an eaconomaidh cho fada a' dol am feabhas 's a thug e às dèidh staing a' chreideis ann an 2008.

Coinnichidh ceannardan nam pàrtaidhean dùbhlannach ann an Westminster ris a' Phrìomhaire an-diugh, 's coltas ann gu bheil e a' dèanamh deiseil airson pàirtean den lockdown a thogail - co-dhiù ann an Sasainn. Mìnichidh Boris Johnson na planaichean aige gu poblach air Là na Sàbaid, 's e air leigeil fhaicinn gur dòcha gun tòisich cùisean ag atharrachadh Diluain. Ann an Alba mìnichidh Nicola Sturgeon na planaichean aicese airson an lockdown an-diugh. The i mar thà air innse gu bheil i gu bhith faiceallach mu bhith ag atharrachadh nan riaghailtean agus nach dèan math dhuinn ceumannan a ghabhail a dh'fhaodadh spionnadh a thoirt dhan bhìoras.

Mion-shloigh

Fhuair sgrùdadh a rinn Oifis nan Staitistig Nàiseanta ann an Sasainn agus a' Chuimrigh, gu bheil boireannaich agus fireannaich Afra-Carribeanach còrr air ceithir tursan nas buailtich bàsachadh le Covid-19 na tha daoine geala. Tha an rannsachadh cuideachd a' sealltainn gu bheil am bhìoras nas cunnartaiche do dhaoine le cinnidhean Bangladaiseach, Innseannach, no measgaichte.

Chan eil e soilleir fhathast am feuch an Riaghaltas ri airgead fhaighinn air ais airson gùintean meidigeach a cheannaich iad bhon Tuirc agus nach eil fut airson an cleachdadh le luchd-obrach slàinte a tha a' dèiligeadh ri Covid-19. Tha na gùintean - 400,000 dhiubh - an-dràsta gan cumail ann an stòr bathair 's oifigich ag ràdh nach eil iad a' ruigheachd bun-tomhasan sàbhailteachd na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt neach-labhairt bhon chompanaidh a rinn na gùintean nach eil iad air gearainnean sam bith fhaighinn bhon Riaghaltas, an NHS, no Ambasaid Bhreatainn anns an Tuirc.

Sùil air naidheachdan eile, agus gas a bha ag aoidion à ionad ceimigeach air co-dhiù 13 duine a mharbhadh anns na h-Ìnnseachan. Chaidh timcheall air 800 eile a thoirt dhan ospadal ann am baile Visakhapatnam air costa an ear na dùthcha. Thàinig an gas styrene bho fhactaraidh a bhuineas don chompanaidh Choireanaich LG, 's fhuair e ma sgaoil ann an uairean beaga na maidne nuair a bha daoine nan cadal.

Chaidh fear aois 35 a thoirt dhan ospadal às dèidh dha droch ionnsaigh fhulang ann an Lodainn an Iar an-raoir. Tha e air a thuigsinn gun deach sàmh-sèine a chleachdadh airson ionnsaigh a thoirt air an duine. Thuirt na Poilis gu bheil iad a' dèiligeadh ris an tachartas aig Rowan Place ann am Blackburn mar oidhirp mhuirt. Tha iad a' sireadh fhireannaich aois 23 bliadhna ann an co-cheangal ris an ionnsaigh.

Agus dhearbh an Comann Gàidhealach clàr-ama a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail airson nan ceithir bliadhna a tha romhainn. Tha iad air am Mòd a bha gu bhith ann an Inbhir Nis am-bliadhna a chur dheth chun an Dàmhair an ath-bhliadhna, leis na Mòdan às dèidh sin gan cumail ann am Peairt, Pàislig agus anns an Òban.