Òran nighe do chloinn

Tha sinn air a bhith a' cluinntinn tric sna seachdainnean mu dheireadh cho cudromach 's a tha e a bhith a' nighe ar làmhan ceart - airson stad a chur air a' choròna-bhìoras bho bhith a' sgapadh.

Uill, tha pròiseact eadar-nàiseanta ag amas air seo a theagasg do chloinn le òran.

Tha an t-òran mar-thà ann an ochd cànain thar fhichead - Gàidhlig nam measg - mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris.