Buaidh an lockdown: pàigheadh

Ochd seachdainnean an-diugh, chaidh ar cur ann an lockdown - smachd air ar coimhearsnachd agus air ar beatha.

Chaidh iarraidh oirnn fuireach a-staigh airson an coròna-bhioras a stad.

Chùm cuid orra ge-tà - luchd-obrach deatamach bho nursaichean 's poileas, gu dràibhearan 's luchd-togail sgudail.

A bheil an t-àm a-nis an aithneachadh agus pàigheadh nas fheàrr a thoirt dhan fheadhainn a chùm an dùthaich a' dol?

Leis a' chiad aithris de shreath air beatha an dèidh an lockdown, seo am fear-naidheachd poilitigeach againn Darren Linc.