'Chaill mi tòrr misneachd san àite'

Tillidh cùis Dachaigh-Cùraim Home Farm ann am Port Rìgh gu Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis an ceann tri seachdainean.

Chaochail deichnear den luchd-còmhnaidh aig Home Farm nuair a sgap an Coròna-bhìoras.

Thog Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim draghan mòra mun dachaigh is chaidh iad dhan chùirt a dh'iarraidh gun tèid cur às do chead na companaidh HC One a bhith ga ruith.

Diciadain ge-tà, chaidh aontachadh Home Farm fhàgail aig HC-One aig an ìre seo.

Tha iad a-nise ag obair ann an co-bhanntachd le NHS na Gàidhealtachd is le luchd-sgrùdaidh a' tadhal gu cunbhalach.

Tha companach Ailein MhicDhòmhnaill - Meg Chamshron - a' fuireach ann an Home Farm.