Naidheachdan 11:00m

Bidh tuilleadh fiosrachaidh aig Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, an-diugh mu shlighe na h-Alba a-mach à lockdown a' Choròna-bhìorais. 'S e plana le ceithir earrannan a th' ann agus thuirt i ron seo gur ann mean air mhean a thachras e airson a bhith cinnteach nach sgap am bhìoras a-rithist. Bidh fiosrachadh mun dòigh anns an till clann dha na sgoiltean am measg na thèid fhoillseachadh feasgar.

Tha coltas aramach air beingean cùil a' Phàrtaidh Thòraidhich agus am Prìomhaire, Boris Johnson, a' diùltadh cur às dhan chìs a tha air cuid de luchd-obrach na slàinte à dùthchannan eile airson seirbheisean an NHS a chleachdadh. Tha na h-uimhir de na cùl-bheingearan Tòraidh ag ràdh gun cuir iad taic ris a' Phàrtaidh Làbarach, a tha ag iarraidh cur às dhan chìs air luchd-obrach à tìrean cèin agus iad ag ràdh gu bheil e mì-choltach a bhith a' cur cìs den t-seòrsa air feadhainn a chuir gu mòr ris an t-srì an aghaidh a' Choròna-bhìorais.

Tòisichidh EasyJet air seirbheisean à puirt-adhair na h-Alba a-rithist air an 15mh den ath-mhìos. Chuir a' chompanaidh stad air na seirbheisean aca sa Mhàirt ach thuirt iad gu bheil iad am beachd tòiseachadh air corra sheirbheis, a' mhòr-chuid dhiubh taobh a-staigh Bhreatainn, le ceumann airson sàbhailteachd. Thig, mar eiseimpleir, air criubha agus luchd-siubhail mascaichean a bhith orra fhad 's a tha iad air na h-itealain.

Tha na h-ùghdarrasan den bheachd gu bheil eucoirich air a bhith a' gabhail brath air siostam a' Chreideis Choitchinn. Tha dragh orra gun deach cho mòr ri £1.5bn not de shochairean a tharraing le foill bho chaidh tèarainteachd an t-siostaim fhosgladh beagan gus am biodh e nas fhasa do dhaoine taic fhaighinn aig àrd-ìre èiginn a' Choròna-bhìorais.

Tha NHS nan Eilean Siar a' cur seirbheis ùr air bhonn far an tèid leigheas a thoirt do dh'euslaintich nan dachaighean fhèin. Tha seirbheis 'Hospital at Home' ag amas air cùram san dachaigh a thoirt seachad a bhios co-ionnan ris a' chùram a gheibh euslaintich san ospadal. Bidh sgeamaichean pìleat ann an Leòdhas agus na Hearadh an toiseach le dùil leudachadh dha na h-eileanan eile an dèidh sin.