Alba a' gabhail a slighe fhèin a thaobh "shielding"

Chaidh lagachadh a thoirt air na riaghailtean an-diugh ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh don fheadhainn a th' air a bhith a' fuireach a-staigh air sgath gu bheil iad a' fulaing le trioblaidean slàinte sònraichte.

Tha teans ann gun tèid an dearbh rud a dhèanamh an Eirinn a Tuath cuideachd ann an ùine nach bi fada.

An seo an Alba ge-tà, chaidh dearbhadh nach tachair sin airson greis fhathast.

Gu dè am beachd a th' acasan an Alba ma-tha air a bheil còir fuireach a-staigh?

Seo Niall Barlett.