Naidheachdan 11:00m

Chuir Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis dàil airson cola-deug eile ann an co-dhùnadh air Dachaidh-Churaim Home Farm ann am Port Rìgh. Chaochail deichnear an sin le Covid-19 agus dh'iarr Buidheann Sgrudaidh a' Chùraim cead a ruith a thoirt bhon chompanaidh HC-One. Cho-dhùin a' chùirt air a' mhìos 's a chaidh HC-One fhàgail os cionn na dachaigh airson ùine gus am biodh èisteachd an là an-diugh ann. Thuirt Buidheann Slàinte a' Chùraim gun do rinn iad follaiseach dhan chùirt an-diugh, ged a tha adhartas aig Home Farm, gun cùm iad orra còmhla ri NHS na Gàidealtachd, a' dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas sin. Tillidh a' chùis dhan chùirt air a' cheathramh là fichead den mhìos seo.

Thàinig rabhadh bho Àrd-Oifigeach Meidigeach Eadar-Amail na h-Alba gu bheil cunnartan mòra an luib togail riaghailtean an lockdown. Bha an Dr Gregor Smith a' toirt fianais do Chomataidh Covid-19 ann am Pàrlamaid na h-Alba. Thuirt e ma thèid na riaghailtean a thogail ro luath gu bheil cunnart ann gun caill iad smachd air a' bhìoras a-rithist.

Bidh fiosrachadh aig Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, feasgar air mar a tha a' dol do shiostam Deuchainn agus Dìon na h-Alba airson Covid-19.

Thèid cosnaidhean a chall aig Colaiste UHI Inbhir Nis a tha ag amas air £800,000 de shàbhalaidhean. Thug a' cholaiste an naidheachd do luchd-obrach an-dè. Thuirt am prionnsapal, an t-Ollamh Chris O'Neill, gun do rinn Covid-19 suidheachadh cugallach an iomhais aca nas miosa buileach.

Tha làraich airson tuathan-gaoithe ùra aig muir gan comharrachadh airson a' chiad uair bho chionn deich bliadhna far chladaichean na h-Alba. Tha Oighreachd a' Chrùin, a tha a' tabhann seachd làraich deug air màl, ag ràdh gur dòcha gun tig leasachadh £8bn às ged a dh'fhaodadh 10 bliadhna a bhith ann mus tig gin de na pròiseactan gu buil.