Luchd-teagaisg draibhidh a' sireadh fiosrachaidh

Tha na mìltean de luchd-teagasg draibhidh air a bhith nan tàmh bhon a thòisich an Lockdown.

Chan fhaigh luchd-ionnsachaidh leasan a dhèanamh no deuchainn a ghabhail.

Tha riochdairean an luchd-teagaisg ag ràdh nach eil comhairle gu leòr ri fhaighinn ge-tà bhon DVSA a thaobh tòiseachadh a-rithist - ach tha a' bhuidheann sin ag ràdh gu bheil iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh feuch cuin is ciamar a thòisicheas leasanan agus deuchainnean ann an Alba a-rithist.