Iarrtas airson aiseagan eadar na h-eileanan

Dh'fhaodadh daoine aig a bheil teaghlach air gach taobh de Chaolas na Hearadh no Caolas Bharraigh cothrom fhaighinn a dhol a chèilidh air a chèile, ma thèid le iarrtas a chuir Comhairle nan Eilean Siar gu Còmhdhail Alba.

Tha a' Chomhairle air a bhith a' cluinntinn bho dhaoine a th' airson teaghlach fhaicinn ann an diofar eileanan, agus na seirbhisean aiseig a' chleachdadh, rud nach eil ceadaichte an-dràsta.

Air fhoillseachadh