Naidheachdan 11:00m

Thuirt ath-sgrùdadh neo-eisimeileach nach eil fianais sam bith ann gur e laigse ann an dealbh, togail agus càradh aig Ospadal Oilthgh na Ban-rìgh Ealasaid ann an Glaschu a bu choireach ri bàs thriùir euslainteach an sin. Dh'iarr Rùnaire na Slàinte ron seo leisgeul an riaghaltais a ghabhail son bàs dithis aig Ospadal Rìoghail na Cloinne a tha air an aon làrach a dh'fhosgail ann an 2015. Ach thuirt an aithisg gur dòcha gum biodh nas lugha cunnart ann do chuid de na h-euslaintich nam biodh an t-ospadal air cumail ris na modhan obrach mar bu chòir.

Thuirt Rùnaire Ceartas nan Làbarach, David Lammy, gur e gnìomh a tha a dhìth agus nach e ath-sgrùdadh eile air neo-ionnanachd ann am Breatainn. Thuirt Boris Johnson gum bi esan a' stèidheachadh coimisean a nì rannsachadh air a h-uile taobh de neo-ionnanachd agus gràin-chinnidh. Ach thuirt Mgr Lammy gur ann a bu chòir dhan Riaghaltas a bhith a' cur an sàs molaidhean a thainig às a h-uile rannsachadh a th'air a bhith ann ron seo.

itean fosgailte a-rithist

Tha sreathan dhaoine air a bhith a' feitheamh taobh a-muigh bhùitean ann an Sasainn far am bheil na bùitean air fad fosgailte a-rithist an-diugh 'son a' chiad uair ann am faisg air trì mìosan. Tha dùil ri dearbadh bho Phrìomh Mhinistear na h-Alba an t-seachdainn seo gum bi cead aig feadhainn de na bùitean an seo Alba fosgladh a-rithist a dh'aithghearr.

Dh'innis taighean-òsda Kingsmills agus Ness Walk ann an Inbhir Nis do luchd-obrach gun caill cuid dhiubh an obair. Chan eil fios fhathast cia mheud duine air an toir sin buaidh. Chaidh innse dhan luchd-obrach an t-seachdainn 's a chaidh mas tàinig dearbhadh bho Mhinistear na Turusachd, Fearghas Ewing, gum faodadh an gnìomhachas ullachadh airson tòiseachadh a-rithist air an ath-mhìos. Tha dòchas ann ma thachras sin nach bi an gearradh cosnaidh cho mòr 's a bha dùil.

Thug riaghaltas na h-Òlaind cead do mhuinntir na dùthcha siubhal a-rithist dhan mhòr-chuid de dhùthchannan Eòrpach eile. Ach tha casg fhathast air siubhal dhan t-Suain agus a Bhreatainn mura bheil fìor èiginn ann. Tha an Òlaind ag ràdh gu bheil suidheachadh slàinte Bhreatainn fhathast na adhbhar dragh dhaibh.

Tha Easyjet agus Loganair a' tòiseachadh air seirbheisean a-rithist às Inbhir Nis an-diugh. Bidh Easyjet a' siubhal eadar Inbhir Nis agus Gatwick agus tha seirbheisean Loganair a' tòiseachadh eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh. Tha riaghailtean slàinte ùra a' ciallachadh gum feum criubha agus luchd-siubhail mascaichean a bhith orra sna puirt-adhair agus air na h-itealain.