Naidheachdan 11:00m

Dh'èirich àireamh a' chion-chosnaidh an Alba còrr is 1% anns na trì mìosan gu deireadh a' Ghiblein, agus a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta tha ìre chion-chosnaidh na h-Alba aig 4.6% an coimeas ri 3.9% air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Chaidh 30,000 ri àireamh a' chion-chosnaidh an Alba sa chiad mhìos den Lockdown, a' toirt na h-àireimh gu lèir gu 127,000. Air feadh Bhreatainn dhùblaich an àireamh a bha a' faighinn shochairean cion-cosnaidh gu 2.8m, ach cha do dh'atharraich ìre a' chion-cosnaidh mòran, aig 3.9%, leis nach eil àite anns an tomhas sin do luchd-obrach a th' air fòrladh. Tha eòlaichean den bheachd ge-tà, gun èirich àireamh a' chion-chosnaidh gu còrr is 3 millean air an ath-thrì mìosan.

Agus thuirt Rùnaire Eaconomaidh na h-Alba, Fiona Hyslop, gur e cho mòr 's a tha Alba a' crochadh air turasachd an t-adhbhar a dh'èirich àireamh a' chion-chosnaidh cho luath, agus tha ise a' moladh cìs VAT a ghearradh airson cuideachadh a thoirt do ghnìomhachas. Dh'iarr i cuideachd air an t-Seansalair an sgeama fòrlaidh a leudachadh nas fhaide na an Damhair. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil an taic eaconomach a tha iadsan a' toirt seachad airson èiginn a' Choròna-bhìorais air sgeama cho fialaidh 's a th' ann air feadh an t-Saoghail.

Tha a' chiad chùisean de CHOVID-19 ann an còrr is mìos air nochdadh ann an New Zealand air dithis a tha a' tadhal air an dùthaich à Breatainn. Fhuair an dithis cead a dhol a New Zealand a choimhead air duine de an teaghlach a bh' air leabaidh a' bhàis.

Tha coltas ann gum faodadh an Spàinn fhathast riaghailtean cuarantain a chur air luchd-siubhail à Breatainn a dh'aindeoin oifigich anns an Spàinn a bhith ag ràdh nach tachradh sin. Tha a-niste Ministear Chùisean Cèine na Spàinne a' maoidheadh sin a dhèanamh mura tog Breatainn na riaghailtean cuarantain air luchd-siubhail a' tighinn às an Spàinn.

Thug Coirea a Tuath ionnsaigh le spreadhadh air togalach anns an robh oifis a chaidh a stèidheachadh airson càirdeas nas fheàrr a bhrosnachadh le Coirea a Deas, an dèidh maoidheadh gun dèanadh iad sin nan cuireadh Coirea a Deas bileagan propaganda gu taobh eile na crìche eadar iad. Sheall telebhisean ann an Coirea a Deas ceò ag èirigh os cionn na sgìre.