Naidheachdan 11:00m

Tha Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, a' cur crìche air planaichean airson ath-bhreithneachadh a dhèanamh air toraidhean nan deuchainnean sgoile. Dh'aidich Riaghaltas na h-Alba gun robh siostam a dh'ìslich na comharran a fhuair cuid de sgoilearan ceàrr. Chaidh lùghdachadh a dhèanamh air timcheall air a' cheathramh cuid de na comharran a bha tidsearan air a thoirt seachad, agus an siostam a' dèanamh coimeas eadar iad agus mar a rinn na sgoiltean anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Foillsichidh Mgr Swinney na planaichean ùra aige ann am Pàrlamaid na h-Alba a-màireach.

Agus dh'iarr Stiùiriche Clinigeach Nàiseanta na h-Alba air pàrantan gun cus dragh a ghabhail mu an cuid chloinne a bhith a' dol air ais dhan sgoil air an t-seachdain seo. Thuirt an t-Oll. Jason Leitch gu bheil e ciallach a bhith faiceallach, ach gum bu chòir gum bi e sàbhailte gu leòr. Bidh aig luchd-teagaisg ri riaghailtean a bharrachd a leantainn ge-tà, agus inbhich nas dualtaiche am bhìoras a ghabhail.

Chaidh nighean, 12 bliadhna de dh'aois, a bhàthadh ann an abhainn faisg air Loch Laomainn. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Drochaid a' Bhealaich air Abhainn Lìobhainn mu 6:45f an-dè. Chaidh corp na h-ìghne a thoirt às an uisge, às dèidh dhaibh a bhith ga sireadh fad trì uairean de thìde. Thuirt na Poilis nach eil dad amharasach mu a bàs.

Tha fearg ann an Hong Kong far a bheil na h-ùghdarrasan air lagh connspaideach a chleachdadh airson fear-gnothaich a bha ag iomairt airson Deamocrasaidh a chur an grèim. Chaidh Jimmy Lai a chur an sàs fo amharas gun robh e ag obair ann an co-rùn ri dùthchannan cèine. Tha luchd-obrach aig an Apple Daily, am pàipear-naidheachd aig Mgr Lai, a' gealltainn gun cum iad orra ga fhoillseachadh.

Chaidh rabhadh a thoirt gur ma dh'fhaoidte nach fhosgail cuid de ghoireasan spòrs na h-Alba a-rithist mar thoradh air an Lockdown. Tha a' bhuidheann Community Leisure, a tha a' riochdachadh urrasan carthannais mar Ghlasgow Life, Sport Aberdeen, HighLife Highland agus Edinburgh Leisure, ag ràdh gu bheil na mìltean chosnaidhean ann an cunnart mura tig tuilleadh cuideachaidh bho chomhairlean na dùthcha.

A rèir luchd-rannsachaidh dh'fhaodadh nach fhada gus an tèid trosg a thoirt far chlàran-bìdhe na Rìoghachd Aonaichte air sàilleadh Bhlàthachadh na Cruinne. Tha rannsachadh a chaidh a dhèanamh le oilthighean Bhristol agus Exeter 's Oifis na Sìde a' sealltainn gu bheil Cuan Èireann, Caolas Shasainn agus pàirt den Chuan a Tuath tòrr nas blàithe na bha iad o chionn 40 bliadhna. Tha an rannsachadh a' dèanamh dheth, an ceann 50 bliadhna eile, gum bi sinn air tionndadh air falbh bho throsg agus sgait-mhanaich gu iasg mar mhuileid, lèabag agus John Dory.

Agus thug Simon Cowell taing do luchd-obrach meadaigeach a rinn cobhair air às dèidh dha a dhruim a bhriseadh ann an tubaist bhaidhseagail ann an Los Angeles. Thug Cowell, a tha ainmeil airson phrògraman mar Britain's Got Talent agus an X-Factor, taing dha na dotairean agus na nursaichean a rinn obair-lannsa air às dèidh dha tuiteam far a' bhaidhseagail dealain ùir aige aig a dhachaigh ann am Malabu.