Dragh mu chànan nan Ungarach an Romàinia

Tha gearanan a' nochdadh am measg cinneadh nan Ungarach ann an Romàinia nach eil an Riaghaltas a' toirt spèis gu leòr do na còraichean aca.

Mus deach Romàinia dhan Aonadh Eòrpach, gheall iad cothrom a thoirt do na mion-shlòigh aca an cuid chànanan a chleachdadh ann am foghlam agus ann an suidheachaidhean poblach eile.

Ach 's coltach nach eil sin daonnan a' tachairt.

Agus a rèir cuid, tha an suidheachadh a' fàs nas miosa, mar a tha Andreas Wolff ag aithris.