Buidhnean ionadail 'son dèiligeadh le dol a-mach luchd-turais?

Tha buaidh na turasachd air sgìrean dùthchail na Gàidhealtachd air connspaid agus deasbad adhbhrachadh airson greis a-nis.

Ach gu h-àraid as t-samhradh seo leis gu bheil barrachd dhaoine a' seachnadh shaor-làithean thall thairis.

A thuilleadh air a' cheist a bheil goireasan gu leòr ann dhaibh tha dragh ga thogail mu mar a tha cuid de luchd-turais gan giùlain fhèin.

Leis a sin, nochd moladh gum bu chòir buidhneann ionadail a bhith ann airson dèiligeadh ris an trioblaid.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.