Rèisean ruith a' gluasad air loidhne

Chan eil rèisean marathon no rèisean 10k àbhaisteach a' dol air adhart am bliadhna air sàilleabh Covid-19.

Ach tha an t-uabhas air dreach eadar-dhealaichte a thoirt air na rèisean aca le bhith gan gluasad air loidhne.

Tha fiù 's cothrom ann fhathast dhaibhsan a tha a' cur rèisean agus dùbhlain ruith romhpa fhèin gus airgead a thogail do charthannasan.

Tha Nicole Webber a-nise ag aithris.