Naidheachdan 11:00m

Salmond

Tha rannsachadh a' tòiseachadh an-dràsta fhèin aig comataidh ann an Holyrood mun dòigh 'san do làimhsich Riaghaltas an h-Alba gearainean mu sheann Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Alex Salmond. Tha Àrd-Sheirbhiseach Catharra na h-Alba, Leslie Evans, air tè dhen chiad fheadhainn a bheir fianais dhan chomataidh. Shoirbhich ron an seo le Mgr Salmond ann an cùis-lagha a thog e mun a' phròiseas rannsachaidh agus fhuair e còrr is leth mhillean not ann an cosgaisean laghail.

Sgoiltean

Tha trì cuisean de Chovid-19 dearbhte aig bun-sgoiltean ann an Alba. Thuirt Comhairle Shiorrachd Rinn Friù gu bheil aon chùis aig Bun-sgoil Todholm ann am Pàislig agus tha dà chùis eile ann an sgìre Pheairt agus Ceann Rois. Tha na sgoiltean sin fhathast fosgailte agus oifigich slàinte ag ràdh nach eil dearbhadh sam bith ann gu bheil am bhìoras a' sgapadh anns na togalaichean.

M&S

Tha Marks and Spencer an dùil mu sheachd mìle cosnadh a ghearradh, sin mu 10% dhen luchd-obrach gu lèir, air an ath thrì mìosan. Thuirt M&S gur ann eadar na bùthan aca, an luchd-stiùiridh, agus ann an ionad nan seirbhisean taic a bhios a' mhòr chuid de na gearraidhean sin.

Wood Group

Thuirt a' bhuidheann einnseanairidh, Wood Group, a tha ag obair air feadh an t-saoghail ach a tha steidhichte ann an Obar Dheathain, gun tàinig orra còig mìle cosnadh a ghearradh air a' bhliadhna gu ruige seo le buaidh a choròna-bhìorais. 'S ann air roinn a' ghas is ola aca as motha a thug sin buaidh seach an roinn a tha ag obair air cumhachd ath-nuadhachail.

Rathad Dùinte

Bidh seann Rathad an Airm aig an Rest and Be Thankful ann an Earra-Ghàidheal a' dùnadh aig meadhan là an-diugh le rabhadh air uisge trom sa sgire. Sin an rathad a tha ga chleachdadh an-dràsta fhads a tha an A83 dùinte an dèidh maoim-slèibhe bho chionn cola-deug. Thèid trafaig a chur air slighean eile, air an A83, A82, A85 & A819. Bidh co-dhùnadh ann sa mhadainn a-màireach air cuin a dh'fhosglas an seann rathad a-rithist.

CalMac

Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar an dèidh aithrisean gum bi trì bliadhna eile ann mus cur Gàrradh MhicFhearghais air Chluaidh crìoch air an dà bhàta-aiseig ùr do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn. Tha maill còrr is trì bliadhna orra mu thràth agus iad còrr is ceud millean not nas daoire na bha dùil. Tha Eilean Arainn a' feitheamh ris an Glen Sannox agus na h-Eileanan an Iar air an dàrna bàta, airson na seirbhis eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch na Madadh.