Pròiseact ealan coimhearsnachd

Obraichidh triùir luchd-ealain còmhla ri sia urrasan coimhearsnachd air feadh na h-Alba a'cruthachadh pìosan ealain sònraichte.

Chaidh am pròiseact 'Artists & Community Landowners' a chuir air bhonn eadar Fearann Còimhearsnachd na h-Alba 's a' bhuidheann ealain 'The Stove' ann an Dùn Phris.

Tha iad an dòchas gum brosnaich seo iomairt an fhearainn ann am piosan den dhùthaich far nach do ghabh còimhearsnachdan sealbh air an talamh.

Tha an aithris seo aig Niall Bartlett.