Naidheachdan 11:00

Obar Dheathain

Tha taighean-bìdh agus taighean-seinnse ann an Obar Dheathain a' fosgladh às ùr an-diugh le togail an lockdown ionadail sa bhaile. Thàinig air gnìomhachas aoigheachd a' bhaile dùnadh air an 5mh là den mhìos seo le àrdacadh aithghearr ann an cùisean de Chovid-19 ceangailte ri taighean-seinnse agus clubaichean-oidhche. Cha bhi cead aca sin fosgladh ge-tà gus an dèan oifigich slàinte sgrùdadh orra.

Sgoiltean Shasainn

Thig air clann-sgoile ann an àrd-sgoiltean Shasainn, ann an sgìrean anns a bheil lockdown ionadail, mascaichean a chleachdadh air taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg. Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim ann an Westminster, Gavin Williamson, gu bheil an Riaghaltas airson a h-uile faiceall a ghabhail. Ach chàin am ball Tòraidh, Huw Merriman, poileasaidh an Riaghaltais. Thuirt e gu bheil an Riaghaltas a' cur dragh air clann, seach misneachd a thoirt dhaibh airson tilleadh dha na sgoiltean.

Wisconsin

Chaidh dithis a leòn, agus aon duine a mharbhadh, an dèidh losgadh orra le gunna an dèidh na treas oidhche de dh'aimhreit ann an am baile Kenosha ann am Wisconsin. Chan eil fios le cinnt dè thachair ach gu bheil aithrisean ann air buidheann de dhaoine le gunnachan ag ràdh gun robh iadsan a' cur dìon bho mhèirle air bùthannan agus gnìomhachas eile sa bhaile. Tha sluagh an sin a' togail fianais an dèidh do phoilis losgadh air duine dubh, Jacob Blake, air an deireadh-sheachdain. Tha esan san ospadal, agus ged a chaidh a leòn, tha e coltach nach eil a bheatha ann an cunnart.

Ionnsaigh gunna

Tha duine an grèim agus fo chasaid an dèidh bàs ann am Baile an t-Saoir ann an Ceann a Deas Shiorrachd Lannraig. Chaochail Graeme Williamson san ospadal an dèidh losgadh air le gunna air an 17mh là den mhìos seo. Tha fear a tha 23 a' dol mu choinneamh na cùirte ann an Hamaltan an-diugh.

Tuiltean Afganastan

Tha aithrisean ann gun do chaill còrr is 70 am beatha ann an tuiltean ann am sgìre Parwan, tuath air Kabul ann an Afganastan. Chaidh ceudan thoglaichean a leigeal agus a dhroch mhilleadh san tuil.