Naidheachdan 11:00m

Roinn na h-Aoigheachd

Tha ceannardan gnìomhachais ag ràdh gur e buile bàis a bh' anns na bacaidhean ùra Coròna-bhìorais dha na h-uimhir de ghnothachasan na h-aoigheachd an Alba. Ann am meadhan na h-Alba, far a bheil an ìre as àirde den bhìoras, bidh taighean-seinnse agus taighean-bìdhe a' dùnadh airson cola-deug. Sa h-uile sgìre eile bidh uairean fosglaidh nas giorra ann, agus cha bhi e ceadaichte deoch-làidir a reic taobh a-staigh dhorsan. Gheall Riaghaltas na h-Alba £40m eile de thaic, ach tha riochdairean a' ghnìomhachais ag ràdh nach eil sin gu leòr.

Na Bùthainnean

Chaidh iarraidh air feadhainn a tha a' dol dha na bùthainnean spèis a thoirt do luchd-obrach agus do dhaoine eile agus an riaghailt dà mheatar bho chèile a' tòiseachadh a-rithist sna bùthainnean an Alba air an deireadh-sheachdain. Tha iad a' tilleadh cuideachd dhan t-siostam aon shlighe anns na bùthainnean.

Sasainn

Thuirt Rùnaire nan Coimhearsnachdan ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Robert Jenrick, gu bheil iad a' beachdachadh fhathast air taighean-seinnse 's taighean-bìdhe a dhùnadh sna sgìrean as miosa sa bheil am bhìoras ann an Sasainn. Tha dùil an ath-sheachdain ri fiosrachadh mu bhacaidhean ùra ionadail bho Riaghaltas Westminster. Tha dragh air ceannardan slàinte gun tèid na h-ospadail ann an Sasainn fodha le euslaintich air a bheil am bhìoras, agus tha deasbad anns a' Chaibineat mu dè cho fada 's a bu chòir bacaidhean ùra a dhol.

Ailig Salmond

Chaidh innse dhan chomataidh ann an Holyrood a tha a' rannsachadh mar a làimhsich Riaghaltas na h-Alba gearainnean mun t-seann Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond, gum feum iad òrdan cùirte mus fhaigh iad cuid de na pàipearan a tha iad ag iarraidh. Tha a' chomataidh ag iarraidh sealbh air na pàipearan cùirte bhon ath-sgrùdadh laghail a thog Mgr Salmond. Sgrìobh Àrd-chlarc na Cùirte dhan chomataidh a ràdh gum faigh iad cuid den stuth, ach gum feum iad cead iarraidh bho bhritheamh mus fhaigh iad pàipearan eile.

Croitean

Tha buill ann am Pàrlamaid na h-Alba a' beachdachadh an-diugh air ath-chuinge a tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach nach bi ùghdarrasan ionadail a' meas chroitean mar stòras nuair a tha iad a' measadh chosgaisean cùraim. Tha an athchuing ga toirt a dh'ionnsaigh na Pàrlamaid le Iain MacÌomhair à Leòdhas a tha ag ràdh nach eil na riaghailtean measaidh a chleachd Comhairle nan Eilean Siar na chùis-san idir a rèir an lagha. Ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil e an urra ri ùghdarrasan ionadail iad fhèin co-dhùnadh dè th' ann am maoin nuair a tha iad a' feuchainn ri tomhas dè 's urrainnear a reic airson cosgaisean cùraim a phàigheadh.