Ceannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' leigeil dhi a dreuchd
Tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air a bhith a' toirt aithneachaidh dhan cheannard aca an Dtr Donalda NicComb 's i a' leigeil dhi a dreuchd.
A' bruidhinn aig tachartas taobh a-muigh na sgoile, thuirt an Dtr NicComb gur e na sgoilearan an rud is motha a bhios i ag ionndrainn.
'S i Donalda NicComb an aon cheannard a bha air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu bho chaidh a steidheachadh ann an 1999.
Seo Darren Linc.