Rabhadh mu pheataichean ùra
Dh'iarr an Comann Albannach airson Dìon nan Ainmhidhean, an SSPCA air muinntir na dùthcha cùram a gabhail ma tha iad an dùil peata ùr a cheannach, gu h-àraidh ma tha iad am beachd cuilean no piseag a fhaighinn.
Dh' fhàg bacaidhean a' choròna-bhìorais gun robh barrachd a' ceannach pheataichan às ùire air loidhne, gun fhios le cinnt cò as an bha iad a' tighinn.
Tha dragh mu mar a thathas a' ceannach chuileanan bho thuathanasan a tha gam briodachadh ann an dòigh nach eil math dha na beathaichean. Le tuilleadh seo aig Shona Nic a' Phiocair.