Ìrean Chovid na thrioblaid aig crìochan chomhairlean
Mar a tha fios 's e siostam còig ìrean a tha ann an Alba do riaghailtean Chovid.
Tha dragh air cuid bheil e gu math doirbh cumail ris na riaghailtean nuair a tha sgìrean comhairle a tha ri taobh a chèile ann an diofar ìrean.
Mar eiseimpleir tha Dùn Bhreatainn an Iar ann an ìre ceithir - agus ri thaobh tha Earra Ghaidheal 's Bòd a tha ann an ìre a dhà.
Cha bu chòir gluasad eadar an dà àite ach nuair a tha fior dheagh adhbhar ann.
Ach mar a tha Andreas Wolff ag aithris chan eil a h-uile a' cumail ris na riaghailtean.